HIORT – DILEAB NEO-BHASMHOR AN EILEIN Thugadh iad glòir don Tighearna, agus cuireadh iad an cèill a chliù am measg nan eilean Isaiah 42: 12

Tha e air leth freagarrach gum bitheamaid an seo an-diugh, a’ cumail cuimhne air Eilean Hiort, agus gu sònraichte air na Hiortaich, a dh’fhàg an dachaighean o chionn faisg air ceithir-fichead bliadhna. Cò a chreideadh gum falbhadh an ùine cho luath? Bidh cuid againn an seo, tha mi cinnteach, aig a bheil cuimhne fhathast air na thachair. Bu tric a chuala mise nam dhachaigh fhìn ann an Tiriodh mu na Hiortaich, agus mar a chaidh an t-eilean fhàsachadh. Bha mi eòlach nam òige air Hiortaich is bana-Hiortaich a thàinig do Thiriodh, agus bha Tirisidich – Lachlann Mòr MacIlleathain agus Calum MacArtair – nam misionaraidhean ann an Hiort. ’S ann à Hiort a thàinig bean Chaluim MhicArtair, agus tha deagh chuimhne agam air a coltas uasal. Bha sinne, mar Thirisdich, a’ toirt àite sònraichte do dh’Eilean Hiort, a chionn ’s gun robh ceanglaichean eadarainn ann an deifir dhòighean. Bhiodh na h-aon bhàtaichean-smùide gar frithealadh – a’ Dunara Castle agus a’ Hebrides – agus, a bharrachd air dàimhean a thaobh na feòla, bha dàimh laidir eadarainn a thaobh a’ chreidimh Chrìosdaidh.

(1) Aite nan Eilean anns na Sgriobtairean

Tha àite sònraichte aig na h-eileanan, anns an t-seagh as fharsainge, ann am Facal Dhè. Gu math tric, tha iad air an ceangal ri gàirdeachas agus moladh (mar a chìthear ann am Fàidheadaireachd Isaiah) no ri buileachadh prìseil de spiorad Dhè (mar a chìthear ann an Leabhar an Taisbeanaidh, agus anns an taisbeanadh a fhuair Eòin air eilean Phatmos). Tha eileanan an t-saoghail air an cur air leth bho thir-mòr, agus tha iad nan ‘saoghail bheaga’ annta fhèin. Mar a tha fhios againn gu math mar Ghàidheil, tha tarraing da-rìribh anns na h-eileanan don mhòr-shluagh air tir-mòr.

Tha tarraing àraid ann an Eilean Hiort. Tha eachdraidh an eilein na thàladh, a bharrachd air a chruth, agus a bharrachd air na h-ainmhidhean a tha ann. ’S e fàsachadh an eilein, ged tha, as motha a tha a’ tarraing inntinnean dhaoine. A-mach air freiceadan an Airm, chan eil duine air fhàgail ann. Dh’fhalbh an sluagh aig deireadh an Lùnasdail 1930, agus fhuair iad dachaighean ùra air tir-mòr

Ach ma dh’fhalbh an sluagh, cha do dh’fhalbh na cuimhneachain a tha againn orra, agus tha iadsan fhathast a’ labhairt rinn ann an deifir dhòighean, biodh iad beò no marbh. Chuala mi-fhìn an Hiortach, an t-Urr. Dòmhnall MacGilliosa, a’ searmonachadh sa Ghàidhlig ann an Ottawa, fada bho chladaichean Hiort, ann an 1986. Bha e na thoileachadh mòr, mòr dhòmhsa a bhith ga èisdeachd, agus a bhith na chuideachd airson latha no dhà. Chan eil uair a bhios mi a’ dol seachad air Tulach Ailein, aig ceann Drochaid Chinn Chàrdain, nach bi mi a’ smaointeachadh air Hiortach ainmeil eile, Fionnlagh MacCuithinn, a tha air a thiodhlacadh anns a’ chladh faisg air an drochaid sin, mar gum biodh a bheatha agus a bhàs mar shamhladh air an ath-chruthachadh a thàinig air beatha nan Hiortach gu lèir anns na bliadhnachan an dèidh an fhàsachaidh. Chaidh Fionnlagh, mar gum biodh, a-null air an drochaid shìorraidh ann an 1941, ach tha a chuimhne buan agus cùbhraidh.

Bu tric a chuir Fionnlagh nach maireann an cèill cliù an Tighearna anns an eaglais bhig ann an Hiort, agus bha Dòmhnall MacGillìosa a’ dèanamh an aon rud ann an Ottawa ann an 1986. Anns na h-eileanan againn fhìn, agus ann an tìrean cèin is coimheach, rinn iad le chèile mar a bha am fàidh Isaiah ag earalachadh.

(2) Creideamh muinntir Hiort

Cha robh Fionnlagh no Dòmhnall nan aonar anns a’ ghnothach sin. Fhuair muinntir Hiort gu lèir ainm airson an creidimh. Thàinig teachdaireachd na slàinte thuca tro dheifir mheadhanan, ach gu sònraichte bho shearmonachadh an Urr. Eòin Dòmhnallach, Ministear Mòr na Tòiseachd, ann an 1821-22. Ghabh iad ris a’ chreideamh le gàirdeachas is toileachas mòr.